Teachdaireachd bhon cheannard

A Charaidean chòir,

Bu toil leam fàilte a chur oirbh gu làrach Bun-sgoil Taobh na Pàirce, sgoil Ghàidhlig Baile Mòr Dhùn Èideann.

Stèidhichte ann an Lìte, tha faisg air 300 sgoilear againn ann an c1-7 agus còrr is 80 eile a’ frithealadh na sgoil-àraich.

Tha sinn a’ lìbhreagadh a’ churaicealam againn sa Ghàidhlig ach ’s ann bho gach ceàrnag den t-saoghal a bhios ar teaghlaichean a’ tighinn agus mar sin, tha sinn gu math beartach a-thaobh chultaran is chànain.

Tha sinn cuideachd ag amas coimhearsnachd Gàidhlig a chruthachadh airson ar teaghlaichean, le taic bho chompanaidh cùraim cloinne, Òganan Dhùn Èideann, is ar oifigear leasachaidh Gàidhlig, Ann Paterson.

Ach ged a tha a’ Ghàidhlig cudthromach, ’s e a’ phriomh amas againn gum bi gach sgoilear a’ leasachadh nan comasan aca ann an arainneachd taiceil, blàth is brosnachail.

Fàgaidh mi sibh le leirsinn na sgoil, a chaidh a sgrìobhadh anns an Earrach 2013, le pàrantan, sgoilearan is luchd-obrach.

Àrainneachd ionnsachaidh Ghàidhlig den chàileachd as àirde a bheir cothrom do gach pàiste a saoghal fhèin a rannsachadh, le buaidh is piseach.

Tha fàilte chrìtheil roimhibh ma  tha  sibh airson tighinn air  chèilidh oirnn.

Le gach deagh dhùrachd,

Anna NicPhàil

Ceannard

 

 

Dear Friends,

I would like to welcome you to the website of  Bun-sgoil Taobh na Pairce, Edinburgh’s Gaelic primary school.

Based in Leith, we have almost 300 learners in P1-7, and over 80 in our nursery class.

We deliver the curriculum in Gaelic but our families come from all over the world and so we are very wealthy in terms of cultures and language.

We also aim to create a Gaelic community for our families, with support from the childcare provider, Oganan Dhun Eideann, and from Ann Paterson, our Gaelic Development Officer.

Although Gaelic is important to us, our main aim is to give all our pupils the opportunity to grow and thrive in an environment that is suppportive, warm and encouraging.

I shall leave you with our school vision statement, which was created by pupils, parents and staff back in Spring 2013.

A Gaelic learning environment of the highest quality that enables all our children to explore the world and flourish within it.

 A warm welcome awaits if you would like to visit us.

Le gach deagh dhùrachd,

Anne MacPhail, Head teacher